Donald's Gaelic Pages
home learning gaelic songs iain dubh links audio tributes

Duilleagan Dhomhnaill

This page in English / An duilleag seo anns a' Bheurla

Sadly, Donald is no longer with us. These pages remain here in honour of his memory and service to the Gaelic language.

Please have a look at the tributes available here.

 

Donald MacdonaldThòisich mise bruidhinn na Gàidhlig 'nuair a thubhairt mo mhàthair rithe fhèin gun robh an cnap seo a bha na broinn cus (aig sia puinnd deug) airson a bhi ga ghiùlain mu 'n cuairt ann an teas an t-samhraidh. Mar sin, aon latha briagha, soilleir - an ceathramh latha dhe 'n Iuchair - thàinig mise mach as an àite dhorcha sin, agus choimhead mi mu 'n cuairt air an àite 's bòidhche a tha fo 'n ghrèin, Eilean na Hearadh, dìreach aig oir a chuain gun chàil sam bith eadar na tràighean mòra sin agus Amaireaga.

Bha bràthair agam a mhionaid a thàining mi dha 'n t-saoghal, balach beag snog a bha 'n uairsin tri bliadhna dh'aois. Thàining triur bhràithrean eile as deidh sin, ach 'nuair a chunnaic mo mhathair nach robh e comasach dhi nighean a dhèanamh, thubhairt i ri m' athair, "Sin agad, Iain, tha sinn a dol gu Tìr Mòr".

Anns na tri bliadhna eadar mo bhràthair agus mi fhèinn bha gnothaichean ag atharrachadh ann an cùisean na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd. Cha robh clann bheag g' an sgiùrsadh tuilleadh leis an "t-strap" mhòr, leathair, nan cluinneadh an luchd-teagaisg iad a bruidhinn Gàidhlig faisg air an sgoil. Thachair sin dh' a mo bhràthair, ach cha do thachair e dhòmhsa idir.

Cha'n eil cuimhn' agam cuin a thòisich mi bruidhinn Gàidhlig - bha mi ro òg - ach tha cuimhne glè mhath agam air a cheud fhacal Beurla a chuala mi mo mhàthair ag radh rium. Feumaidh gu'n robh mi dèanamh rudeigin uamhasach dona nuair a thubhairt i, "Down Trousers!". Cha robh fios agam de a bha i a ciallachadh, ach cha tug mi fada a tuigsinn - a mhionaid a chunnaic mi a' bhuarach na laimh - dè bha i dol a dhèanamh.

Tha faclan ùra tighinn dhan a' Ghàidhlig an diugh - agus dhan a h-uile cànan eile cuideachd - agus feumaidh sinn an ionnsachadh agus an cleachdadh, oir tha e glè chinnteach nach eil cànan sam bith gu bhi slàn mur a tèid i air adhart leis na tha a tachairt air feadh an t-saoghail.

Tha sinn air ainmeanan nan àiteachan a thoirt do luchd na Beurla mu thràth, ach 's dòcha gun tig sin gu crìch, agus gu faic sinn fhathast na pàisdean a bruidhinn Gàidhlig mhath anns gach dachaidh, agus anns gach sgoil air feadh na Gàidhealtachd.

home learning gaelic songs iain dubh links audio tributes

Macdonald Crest